Bidh a’ cheist anns a’ Bheurla a-mhàin

Se bliadhna mhòr a bhios ann an 2014. Bidh a’ cheist seo ga cur anns an reifreann air 18 Sultain: “Am bu chòir do dh’Alba a bhith ’na dùthaich neo-eisim­eileach?”

Ach tha a h-uile coltas ann nach bi a’ cheist a’ nochdadh ann an Gàidhlig ach mar seo air na pàipearan bhòtaidh: “Should Scot­land be an independent country?” Tha sin a’ ciallachadh, a dh’aindeoin Achd na Gàidhlig ’s a’ Phlana Ghàidhlig aig Riagh­altas na h-Alba, nach bi ceist dhà-chànanach air na pàipearan baileit – a’ cheist as motha a tha air a bhith ro shluagh na h-Alba o chionn còrr agus 300 bliadhna.

Thog Aonghas MacDhòmh­naill BPA a cheist fhèin sa Phàrlamaid air a’ mhìos sa chaidh, an robh dreach Gàidhlig den phàip­ear bhòtaidh gu bhith ann? Agus fhuair e freagairt bhon Leas Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon nach bitheadh. Thuirt i gun do dh’iarr iad air Comisean nan Taghaidhean faighneachd de chuid a luchd-bhòtaidh, le Gàidh­lig mar chiad chànan, an robh iad a’ tuigsinn na ceist ann am Beurla agus thuirt na daoine sin gun robh. A rèir neach-labh­airt bhon Riaghaltas: “Tha sinn a’ dol a chumail ri cleachdaidhean àbhaisteach a thaobh thaghaidh­ean agus am pàipear baileit a chlò-bhualadh ann am Beurla, ach bidh fiosrachadh eile ri fhaot­ainn ann an cànanan eile, Gàidhlig ’nam measg.”

Hide Ad

Cuideachd, faodaidh oifigearan cunntaidh eadar-theangachadh dhen phàipear baileit a shealltainn aig na stèiseanan aca ma tha iad a’ smaoineachadh gum biodh sin iomchaidh.

Tha cuid a dhaoine faireachd­ainn gum bu chòir dhan cheist a bhith ann an Gàidhlig cuideachd agus nach robh còir aig an Riagh­altas a bhith coimhead air a’ Ghàidhlig a thaobh tuigse, ach gun robh còir aca cuimhneachadh gu bheil seasamh aig a’ chànan ann an reachdas na dùthcha. Sgrìobh Art MacCarmaig, a chleachd a bhith ’na Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig, litir gu Nicola Sturgeon ag iarraidh oirre beachdachadh air a’ chùis. A’ bruidhinn ris an Albann­ach, thuirt e: “Leis gu bheil Achd na Gàidhlig ann agus Plana Gàidhlig aig an Riaghaltas, cha bu chòir teagamh a bhith ann mun cheist a chur anns a’ Ghàidhlig.

“Cha bu chòir seo bhith doirbh idir leis gum biodh e a rèir poil­easaidhean an Riaghaltais fhèin agus gach nì a tha iad ag ràdh mu adhartachadh na Gàidhlig. Chaidh iarraidh air Comisean nan Taghaidhean faighneachd do dhaoine le Gàidhlig an robh iad a’ tuigsinn na ceist sa Bheurla. Rud cho faoin, gòrach ’s a chuala mi riamh. Ach tha coltas ann nach deach iarraidh orra faighneachd mu cheist san dà chànan agus am biodh sin ag adhbhrach­adh trioblaidean do dhaoine.

“Tha mise den bheachd nach robh fios aig na h-oifigearan aig an Riaghaltas a bha dèiligeadh ri seo gun robh Plana Gàidhlig aca fhèin neo mun bhuaidh a bu chòir a bhith air gnothaichean mar seo ri linn Achd na Gàidhlig. Cha do thuig na h-oifigearan nach eil a’ Ghàidhlig coltach ri cànain eile ’s gum bu chòir spèis cho-ionann a bhith eadar ì ’s a’ Bheurla. Tha cothrom aca fhath­ast a’ Ghàidhlig a dhèanamh follaiseach ann an ceist a tha cudromach do dh’Alba, ’s bhith­inn an dòchas gun tachradh sin.”

Tha coltas ann gun robh fhios aig an Riaghaltas gun robh cuid a dhaoine ann a bha air son gum biodh ceist dhà-chànanach ann, oir anns a’ cho-chomhairle a rinn iad an-uiridh, “Your Scotland, Your Referendum”, fhuair iad grunn dhaoine a bha moladh gum bu chòir eadar-theangachadh dhen phàipear bhòtaidh a bhith ann an cànanan eile (agus b’e luchd na Gàidhlig as motha a bha ag iarraidh sin). Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Iain Aon­ghas MacAoidh: “Tha am Bòrd air sgrìobhadh gu Nicola Sturgeon a’ togail cheistean mun cho-dhùnadh gus ceist an Reif­rinn a bhith air a foillseachadh ann am Beurla a-mhàin.

“Tha e doirbh toirt air an Riaghal­tas an inntinn atharrachadh an agh­aidh an toil, ach tha sinn a’ feuchainn ri mìneachadh dhaibh cho cudromach ’s a tha e do luchd-labhairt na Gàidhlig, ’s daoine eile, gum faigh a’ Ghàidhlig an t-àite air a bheil i airidh ann an Alba. Sann tro cho-obrachadh le Buill na Pàrlamaid as urrainn dhuinn gluasad fhaic­inn anns a’ ghnothach seo.”

Hide Ad

Thà Gàidhlig gu bhith mar phàirt de na h-iomairtean aig Yes Scotland agus Better Together. Thuirt neach-labhairt bho Yes Scotland gun robh iad a’ beachd­achadh air dreach Gàidhlig dhen t-suaicheantas aca an-dràsta agus gum biodh am fiosrachadh aca a’ nochdadh ann an Gàidhlig cho math ri cànanan eile. Tha Better Together cuideachd a’ dol a dh’fhoillseachadh fiosrachadh sa Ghàidhlig agus cànanan eile, agus tha iad air “Nas fheàrr còmh­la – Alba nas làidire, rìoghachd aonaichte” a chur air ainm agus prìomh theachdaireachd na h-iomairt aca.

Mar sin tha iadsan air beachd­achadh air seasamh na Gàidhlig, ach a rèir choltais cha tàinig e a-steach air an Riaghaltas gun robh còir àite follaiseach a bhith aig a’ Ghàidhlig ann an ceist an Reifrinn.

Related topics: