Cosgais pharsailean: an sgainneal a’ leantainn leantainneach nan


Bha iad air rannsachadh a dhèanamh a-cheana, a dh’fhoillsich iad ann an 2012, air na prìsean àrda a dh’fheumadh luchd ceannaich a phàigheadh air son nithean fhaighinn air an lìbhrigeadh, ’s tha an rannsachadh ùr a’ sealltainn gu bheil na cosgaisean sin cuideachd a’ toirt droch bhuaidh air companaidhean ann an sgìrean mar a’ Ghaidhealtachd ’s na h-Eileanan. Dh’fhaodadh suas ri 15,000 gnothachas ann an Alba a bhith a’ fulang.
De na companaidhean a fhreagair an ceisteachan aig CAS, thuirt naoi ás gach deich gun robh aca ri cosgaisean lìbhrigidh nas àirde a phàigheadh air sgàth ’s far an robh iad stèidhichte. Thuirt Alasdair Màrtainn, fear-gnothachais ás an Eilean Sgitheanach aig a bheil an companaidh foillseachaidh Taigh nan Teud: “Tha e a’ toirt buaidh air an obair againn, feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn. Bha againn ri seòladh air tir-mòr fhaighinn agus rudan mar sin feuch am faigheadh sinn cuid a stuth. A bharrachd air Taigh nan Teud, tha taigh againn air mhàl far am bi luchd-turais a’ fuireach, agus stuth a bha mi a’ ceannach air son sin, cha robh e cho furasta fhaighinn.
Advertisement
Hide Ad“Nuair a tha sinn fhìn a’ cur leabhraichean air falbh sa phost, tha sinn a’ cleachdadh a’ Mhèile Rìoghail, dh’fheuch sinn TNT ach cha robh iad gu feum, bha iad ro shlaodach. Ach tha e cuideachd a’ cur beagan eagail orm mar a tha am Mèile Rìoghail air a dhol prìobhaideach. Oir tha na prìsean air son litrichean air a dhol an àirde gu mòr, agus ’s dòcha gum bi na parsailean cuideachd. Tha na companaidhean lìbhrigidh dìreach a’ faicinn ‘An t-Eilean Sgitheanach’ agus a’ cur nam prìsean aca an àirde, ach tha na companaidhean lìbhrigidh ionadail a’ tighinn gu na h-eileanan co-dhiù, chan eil e a’ dèanamh ciall.”
Thuirt Alasdair Allan, BPA bho Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air son nan Eilean Siar: “Bho thùs tha cnapan-starra air a bhith ann ro ghnìomhachasan sna sgìrean iomallach, ’s gu sònraichte anns na h-eileanan. Tha buidhnean mar HIE ag obair le gnìomhachasan gus seo a chur ceart. Cuideachd, tha an riaghaltas a’ cur mu cheud millean not a-steach do sheirbheisean aiseig anns na h-eileanan gach bliadhna. Ach fhathast tha companaidhean nàiseanta bathair, mar eisimpleir, a’ cur cìsean air parsailean a tha dol gu na h-eileanan, rudeigin a bhios mise a’ gearan mu dheidhinn gu tric.
“Tha a leithid ag obair an aghaidh chompanaidhean sna sgìrean iomallach, dìreach mar a tha na planaichean gus a’ chuid as motha den Phost Rìoghail a reic dhan roinn prìobhaideach.”
A rèir aon chompanaidh á Sasainn a tha a’ reic gheamannan bùird, dh’iarr iad prìsean air son cosgaisean lìbhrigidh bho aon chompanaidh ’s bha diofar £20 ann cha mhòr eadar a’ chosgais air son parsail (suas gu 30kg) a chur gu seòladh sa chòrr de Bhreatainn (£4.65) a ruigeadh an seòladh an ath latha, agus a’ chosgais air son na Gaidhealtachd ’s nan Eileanan, Èirinn a-Tuath, Eilean Mhanainn, Eileanan Scilly agus Eileanan Caolas Shasainn (£24).
Fiù ’s le Parcelforce, tha cosgaisean lìbhrigidh a bharrachd ann air son sgìrean mar a’ Ghaidhealtachd ’s na h-Eileanan ma tha cùmhnant aig companaidh le Parcelforce, rud a tha fìor air son iomadach companaidh a tha cur tòrr stuth don phost, oir tha e nas saoire dhaibh san fharsaingeachd ma tha cùmhnant aca.
Tha seo uile air buaidh a thoirt air companaidhean agus gnìomhachasan ann an Alba. Thuirt am Manaidsear Poileasaidh aig CAS, Keith Dryburgh: “Tha an aithisg againn ga dhèanamh follaiseach gu bheil gnothachasan a’ faireachdainn gu bheil na cosgaisean mì-chothromach seo a’ gearradh pìos mòr bhon phrothaid aca. Bha aig tòrr dhaoine an gnothachas aca atharrachadh, tuarastalan a ghearradh neo daoine a chur a-mach á obair, agus bheir sin uile buaidh air an econamaidh ionadail – gu h-àraidh ann an sgìrean dùthchail.”
Advertisement
Hide AdTha CAS a’ moladh gum bu chòir do chompanaidhean a tha reic stuth cothrom a thoirt do dhaoine am Mèile Rìoghail a roghnachadh mar dhòigh lìbhrigidh. Mura h-urrainn do chompanaidh seo a dhèanamh, bu chòir dhaibh innse gu soilleir car son nach urrainn dhaibh am Mèile Rìoghail a chleachdadh. Cuideachd tha CAS a’ moladh nach bu chòir do chompanaidhean a bhith ag iarraidh prìs àrd air son nithean a lìbhrigeadh a tha stèidhte air dè an còd-puist a th’ agad, gun mhìneachadh air car son a tha na prìsean sin.
Tha cuid a dhaoine a-nis ag iarraidh gun tèid na companaidhean lìbhrigidh aig a bheil na prìsean as àirde ainmeachadh gu poblach.