

[English-language version below]
Ach ged a tha sin mar a tha e, bu chòir dhaibh a bhith nan leasan air cho cudromach ‘s a tha spòrs, agus a’ bhuaidh a dh’fhaodar a bhith aige nar beatha.
Ach, an toiseach beagan eachdraidh. Chaidh na Geamaichean Eileanach a chur air chois ann an 1985 ann an Eilean Mhanainn, mar thoradh air na duilgheadasan a bha aig luchd-spòrs anns na h-eileanan le farpaisean, goireasan ceart agus coidseadh.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdLe sin, chaidh farpais shònraichte a chur air dòigh gach dàrna bliadhna, an toiseach le 15 eilean a’ gabhail pàirt agus 700 farpaiseach. Agus abair gun robh e soirbheachail.
Bhon uair sin, tha e air fàs gu mòr, le 23 sgìre eileanach a’ gabhail pàirt agus na mìiltean de dh’fharpaisich thairis 14 diofar spòrs. Dh’fhaodadh thu ràdh gur iad Geamaichean Oilimpigeach nan Eilean.
Tha farpais na bliadhna gu bhith air a cumail ann an Geàrnsaidh san Iuchair, a’ ciallachadh g’ eil na h-ullachaidhean a’ ruighinn ìre.
Dha na h-Eileanan Siar, Arcaibh is Sealtainn, ‘s iad na h-ùghdarrasan ionadail a tha os cionn chùisean agus tha sin a’ ciallachadh g’ eil e beagan nas fhasa taic de dhiofar seòrsa fhaighinn.
Ach, ‘s ann a tha a’ bhuannachd nas motha ri fhaighinn ann an a bhith a’ toirt cothrom dha daoine pairt a ghabhail agus a bhith a’ farpais ann an dòigh nach biodh idir comasach às aonais nan Geamaichean. Agus tha an toradh ri fhaicinn: ann an goireasan nas fheàrr, ann an coidseadh nas fheàrr agus, gu cudromach, misneachd nas motha a thoirt dha daoine a dhol an sàs ann an spòrs.
Seall fhèin air eisimpleir Kara Hanlon à Steòrnabhagh. Ghabh ise pàirt anns na Geamaichean an toiseach nuair a bha i dìreach 14 bliadhna a dh’aois agus tha i fhèin ag aideachadh gur e a bhith a' gabhail pàirt a thug an spionnadh dhi cumail oirre. ‘S i a-nise tè dhe na snàmhadairean as fheàrr agus as cliùitiche ann an Alba.
Leis an fhirinn innse, leis cho tàlantach agus cho dìchealach agus cho stòlta na h-inntinn is a tha Kara, tha e dualtach gum biodh i air a bhith soirbheachail co-dhiù, ach tha e smaoineachail g’ eil i fhèin a’ cur na h-uimhir a chuideam air cho cudromach ‘s a tha na Geamaichean. Bidh e na iongnadh mura bi bonn òir a’ crochadh bho h-amhaich a-rithist am bliadhna.
Ach, a’ fàgail sàr fharpaisich mar Kara gu aon taobh, tha buannachd nas cudromaiche na sin na chois.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdFiù ‘s dhan fheadhainn nach eil am measg nan duaisean, tha e follaiseach gu bheil an cothrom a bhith a’ gabhail pàirt air spionnadh a thoirt dhaibh cumail a’ dol agus fàs nas fheàrr, agus tha sin an uair sin a’ biadhadh dhaoine eile airson an aon rud a dhèanamh.
Tha a bhith a’ fosgladh barrachd chothroman ann an spòrs buannachdail dhan neach fhèin agus dhan choimhearsnachd, le buannachdan slàinte na chois, buaidh air an inntinn am measg sin, rud a tha cho cudromach an-diugh.
Mar a tha an eaconamaidh a’ seargadh an-dràsta, agus an cuideam a tha a’ tighinn air an sporan phoblach, tha e dualtach gur iad buidseatan spòrs is cur-seachad a thèid a ghearradh an toiseach.
Tha a’ bhuaidh maireanach a thàinig leis na Geamaichean Eileanach a’ sealltainn dhuinn dìreach cho fìor ghòrach ‘s a bhiodh e a dhol sìos an t-slighe sin.